Highland Folk Museum - An attraction for all ages
  Teaghlaichean - Inbhich - Buidhnean Coimhearsnachd - Sgoiltean - Cuairt Sgoile - Cola-deug nan Sgoiltean - Cuspairean & Stòrasan - Bogsa air Iasad - CfE - CPD - Stòrasan Eile - Fiosrachadh Gleidhidh
Ionnsachadh

Curraicealam airson Sàr-mhathais aig a' Highland Folk Museum

Natural amphitheatreTha taighean-tasgaidh nam fìor dheagh ghoireas airson ionnsachadh stèidhte air fèin-fhiosrachadh agus bheir iad taic thar a' churraicealaim cho math ri bhith a' toirt taic do phrògraman tar churraicealaim.

Faodaidh cuairt gu Highland Folk Museum taic a thoirt do sgoilearan gu bhith nan:

Luchd-ionnsachaidh soirbheachail Daoine misneachail Com-pàirtichean èifeachdach Saoranaich ciallach
Tha cuairt dhan taigh-tasgaidh a' toirt iomadh cothrom do sgoilearan sgilean a neartachadh a chuidicheas iad ag ionnsachadh ann an suidheachaidhean eile. Gu h-ìosal, chì thu cuid dhe na sgilean a leasaicheas iad san taigh-tasgaidh. Cuidichidh barrachd tuigse mu na chaidh seachad dhem beatha fhèin agus/no an dualchas a tha mun cuairt orra na sgoilearan gu bhith misneachail agus a' cur luach air an àite sa bheil iad a' fuireach. Bheir cuairt san taigh-tasgaidh iomadh cothrom do sgoilearan airson còmhradh is deasbad mu na chunnaic is na rinn iad an sin, cho math ri bhith a' cur na dh'ionnsaich iad sa chlasrum gu feum ann an co-theacsa ùr. Tha cothroman ann airson obrachadh mar sgioba. Tha cuairt dhan taigh-tasgaidh a' daingneachadh do sgoilearan gum feum uallach a bhith orra air an son fhèin agus gum feum iad a bhith a' smaoineachadh air daoine eile. 'S dòcha gum bi thu airson an Obair Ron Chuairt a luchdachadh a-nuas bho na Cuspairean is Stòrasan.

Cothroman Curraicealaim aig a' Highland Folk Museum

Saidheans

Traditional fuels'S e àrainneachd iongantach a tha sa Choille Ghiuthais againn. Tha i làn nithean a tha beò eadar lusan is feòragan ruadha, air am faod sgoilearan beachdachadh agus an clàradh. Sa bhaile chì sgoilearan connadh nàdarra ga chleachdadh airson teas is solas dha na togalaichean. Tha am baile cuideachd a' toirt cothrom math do sgoilearan a bhith a' faicinn mar a bha daoine beò mus robh dealan aca. Ann an àite eile, tha gineadair gaoithe beag bho na 1930an. Tha cothrom aig luchd-tadhail is sgoilearan bruidhinn mu na dh'ionnsaich iad tro gach mothachadh.

Nuadh-chànanan

Ged a tha an taigh-tasgaidh a' taisbeanadh dualchas na Gàidhealtachd, tha corra chothrom ann do sgoilearan na nuadh-chànanan fheuchainn. Faodar an Ro-ràdh air an DVD a choimhead ann an iomadh cànan (Spàinntis, Eadailtis, Fraingis is Gearmailtis nam measg). Tha sinn cuideachd ag obair air leabhrain mìneachaidh sna cànain sin. Tha cothrom ann còmhradh ris a' chlas mu iomadh nì san taigh-tasgaidh.

Gàidhlig (luchd-ionnsachaidh)

Bilingual interpretationTha poileasaidh mìneachaidh ùr an taigh-tasgaidh a' ciallachadh gum bi mìneachadh sam bith a nochdas às ùr ann an Gàidhlig is ann am Beurla. Bidh barrachd cothrom aig luchd-tadhail a' Ghàidhlig a chleachdadh agus bheir seo taic dhan ionnsachadh. Faodar an Ro-ràdh air an DVD a choimhead sa Ghàidhlig agus bidh a' Ghàidhlig a' sìor nochdadh san taigh-tasgaidh. Ma tha thu am beachd tadhal le buidheann de luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, inns dhuinn nuair a bhios tu a' gleidheadh àite agus feuchaidh sinn ri bhith cinnteach gum bi an luchd-obrach le Gàidhlig an seo airson fàilte a chur oirbh.

Matamataig agus Àireamhas

Croft Garden Tha iomadh cothrom ann airson matamataig a chur gu feum ann an dòigh phractaigeach. Mus tadhail iad, faodaidh sgoilearan a' chuairt a chur air mìosachan agus obrachadh a-mach dè cho fada 's a bheir iad a' dol chun an taigh-tasgaidh agus air ais. Fhad 's a tha iad aig an taigh-tasgaidh, faodaidh na sgoilearan tuairmse a dhèanamh agus na togalaichean a thomhas agus am fiosrachadh a chlàradh. Tha dà ghàrradh againn cuideachd agus tha iad math airson cunntadh, tomhas agus airson bruidhinn mu na ràithean còmhla ri sgoilearan aig na Ciad Ìrean.

Na h-Ealain

Cho math ri bhith a' toirt tuigse air cultar Alba, tha a' Highland Folk Museum na dheagh bhunait airson obair ann an raon ealain sam bith. Dh'fhaodadh an t-àite a bhith na chùl-raoin airson dràma no dh'fhaodadh e ealan lèirsinneach agus dealbhadh a bhrosnachadh. Faodaidh na sgoilearan an t-àite a chleachdadh cuideachd airson dannsa is ceòl a bhrosnachadh.

Eòlas sòisealta

Wind generatorTha a' Highland Folk Museum a' toirt cothrom math do sgoilearan gus pàirt a ghabhail ann an rudan a bheir tuigse dhaibh air mar a thàinig Alba air adhart mar dhùthaich san 250 bliadhna mu dheireadh. Chì iad an dualchas ionadail is nàiseanta ga thoirt beò aig an taigh-tasgaidh. Cuidichidh seo sgoilearan gu bhith a' lorg, a' rannsachadh agus a' ceangal ùine, daoine is rudan a thachair.

Tha an taigh-tasgaidh cuideachd math airson sgilean iomchaidh ann an Eòlas Sòisealta a leasachadh:


A' toirt iomradh
A' mìneachadh
A' dèanamh cunntas
A' rannsachadh
A' clàradh
A' tional & a' cleachdadh fiosrachadh
A' faighinn a-mach
Ag aithneachadh
A' deuchainn
A' coimeas
A' tomhas
Seach gum bi sgoilearan a' faicinn nithean is àrainneachd, 's e cothrom math a tha seo gus sgilean a leasachadh ann a bhith a' toirt iomradh, a' mìneachadh agus a' dèanamh cunntas. Tha cuairt dhan Highland Folk Museum a' toirt cothrom air rannsachadh agus air fiosrachadh a chlàradh a dh'fhaodar a chleachdadh a-rithist sa chlasrum. Ged a chì sgoilearan nithean is àrainneachd air nach eil iad eòlach, bidh iad sin air an cur fon comhair ann an co-theacsa. Cuidichidh seo le le bhith a' faighinn a-mach mun deidhinn agus le tuigse agus aithneachadh. Faodaidh sgoilearan coimeas a dhèanamh eadar an dòigh-beatha an-diugh agus an dòigh-beatha a dh'fhalbh, a bharrachd air coimeas eadar amannan sònraichte. Tha cothrom ann airson àiteachan a thomhas, agus faodaidh iad iad sin a choimeas ri àitichean dhen leithid an-diugh.

Litearras agus Beurla

Agricultural implementsLe bhith a' cleachdadh DVD agus Leabhran Fiosrachaidh an taigh-tasgaidh, faodaidh sgoilearan sgilean amhairc is èisteachd a leasachadh gus fiosrachadh fhaighinn.

Tha cothrom aig na sgoilearan cuideachd a bhith a' còmhradh agus ag obair còmhla san taigh-tasgaidh. Dh'fhaodadh gum biodh tu airson gun cruinnicheadh na sgoilearan fiosrachadh agus dealbhan fhad 's a tha iad air a' chuairt airson aithisg no taisbeanadh a dhèanamh.


Literacy and Gàidhlig

Le bhith a' cleachdadh DVD an taigh-tasgaidh (a tha sa Ghàidhlig) còmhla ri sgoilearan ron chuairt, faodaidh iad sgilean amhairc is èisteachd a leasachadh gus fiosrachadh fhaighinn.

Tha iomadh cothrom aig na sgoilearan cuideachd a bhith a' còmhradh agus ag obair còmhla san taigh-tasgaidh. Dh'fhaodadh gum biodh tu airson gun cruinnicheadh na sgoilearan fiosrachadh agus dealbhan fhad 's a tha iad air a' chuairt airson aithisg no taisbeanadh a dhèanamh.

Ma tha thu am beachd tadhal le buidheann Gàidhlig, inns dhuinn nuair a bhios tu a' gleidheadh àite agus feuchaidh sinn ri bhith cinnteach gum bi an luchd-obrach le Gàidhlig an seo airson fàilte a chur oirbh.

Teicneòlas

Traditional communications technologyTha a' Highland Folk Museum a' toirt cothrom dha na sgoilearan a bhith a' tuigsinn àite agus buaidh teicneòlais ann an comann-sluaigh a tha ag atharrachadh. Le bhith a' coimeas teicneòlas ann an iomadh raon (àiteachas, togail, còmhdhail, solas, teas, conaltradh) aig a' Bhaile agus aig a' Chroit ri teicneòlas an latha an-diugh, bu chòir gun tòisicheadh na sgoilearan a' tuigsinn mar a thug teicneòlas atharrachadh air dòigh-beatha ann an Alba thar nan 250 bliadhna mu dheireadh.


Slàinte agus fallaineachd

Paths through the Pinewoods'S e fìor dheagh dhòigh a th' ann an dualchas gu bhith a' toirt misneachd, fèin-mhothachadh agus fèin-luach do sgoilearan. Nuair a tha cothrom aca faighinn a-mach mun sinnsearan agus mun dualchas a tha mun cuairt orra, tha dòigh aca air faighinn a-mach mun deidhinn fhèin.

Tha cothrom aig na sgoilearan air eacarsaich seach gu bheil cuid dhen taigh-tasgaidh a-muigh.

.