Highland Folk Museum - An attraction for all ages
  Teaghlaichean - Inbhich - Buidhnean Coimhearsnachd - Sgoiltean - Cuairt Sgoile - Cola-deug nan Sgoiltean - Cuspairean & StÚrasan - Bogsa air Iasad - CfE - CPD - StÚrasan Eile - Fiosrachadh Gleidhidh
Ionnsachadh

Ag ionnsachadh sa Highland Folk Museum – Ro-ràdh
Tha Highland Folk Museum na shàr stòras co-dhiù tha thu ag ionnsachadh mar theaghlach, leat fhèin, ann am buidheann sgoile no mar phàirt de phròiseact. Lean na ceangalan seo airson tuilleadh fiosrachadh:

Inbhich – daoine fa leth is buidhnean
Teaghlaichean
Buidhnean Coimhearsnachd
Sgoiltean

 

Inbhich – daoine fa leth agus buidhnean

A’ tadhal

 

Bheir an làrach againn cothrom gu leòr dhut cuimhneachadh air do bheatha fhèin no air tuigsinn mar a bha daoine eile beò uaireigin. Gabh do thìde ach an toir thu a-steach na seallaidhean, na fuaimean agus na fàileidhean mun cuairt.

Gus a’ bhuannachd as motha fhaighinn on chuairt, mholamaid gun ceannaicheadh tu Leabhran Treòrachaidh againn, air £2.50. Bheir seo dhut fiosrachadh a bharrachd mun àite, mu na togalaichean inntinneach agus mu na cruinneachaidhean. Bidh luchd-obrach ann an èideadh ri làimh cuideachd airson barrachd fiosrachaidh a thoirt dhut mu dhòigh-beatha a dh’fhalbh agus bidh iad toilichte ceistean a fhreagairt.

Ri dhèanamh

Fad an t-samhraidh, tha prògram againn a tha a’ taisbeanadh sgilean-ceàird traidiseanta. Gheibh thu am prògram air an duilleag-lìn,A group exploring the garden Ri dhèanamh 

Bu thoigh leinn cuideachd ionnsachadh bhuat fhèin. Ma tha cuimhneachain agad co-cheangailte ri càil air an làraich, inns dhan luchd-obrach mun deidhinn.

Brùth an seoairson Ceistean rannsachaidh

chun a’ bhàrr

Teaghlaichean

A’ tadhal

Family enjoying the siteTha latha sa Highland Folk Museum math do theaghlaichean agus ma thàinig sibh airson ionnsachadh còmhla, tha iomadh dòigh ann air sin a dhèanamh.

’S dòcha gum bi thu airson dèanamh mar a thogras tu fhèin, a-muigh san èadhar le cothrom sgoil is gàrradh bho na 1930an fhaicinn, baile bho na 1700an, feòrag ruadh no gobhar fiadhaich. Tha Leabhran Treòrachaidh, air £2.50 agus tha luchd-obrach ann an èideadh againn airson tuilleadh innse dhut mu na togalaichean agus na sgeulachdan. Ma tha thu a’ coimhead airson tuilleadh, tha stòrasan is obair ri dhèanamh cuideachd.

Stòrasan

Rationing display and activitiesAir an Tuathanas
San taigh air an tuathanas, tha cidsin bho àm a’ chogaidh le fiosrachadh mu chuibhreannachadh. Tha obair ann a bheir air a’ chloinn smaoineachadh mu na bhios iad ag ithe. Ma tha cuimhne agad air na cuibhreannan, tha cothrom ann innse mu na tha cuimhne agad.

Cruck frame activityAnns a’ Bhaile
San t-sabhal mhòr, chì thu frèam lùbte. Faigh a-mach mar a chaidh na togalaichean sa Bhaile a dhèanamh. Tha stiùireadh an lùib seo dhan teaghlach gu lèir.
Pacaichean Teaghlaich
Family BackpackBheir am map agus am pac, a tha làn rudan spòrsail ri dhèanamh, beachd air rudan mun smaoinich sibh agus mun dèan sibh còmhradh. Chan eil e a’ cosg mòran agus gheibhear e sa Bhùth. Tha e ann am Beurla is ann an Gàidhlig.

 

 

 

Ri dhèanamh

Having a go at the quern stone Your browser may not support display of this image.Fad an t-samhraidh, tha prògram againn de thaisbeanaidhean agus de rudan ùra a dh’fheuchas thu. Gheibh thu am prògram air an duilleag-lìn, Ri dhèanamh

 

chun a’ bhàrr

Buidhnean Coimhearsnachd

O chionn beagan bhliadhnaichean tha an taigh-tasgaidh air a bhith ag obair còmhla ri buidhnean coimhearsnachd ann am pròiseactan aig an taigh-tasgaidh agus air falbh bhuaithe.

 

Eisimpleirean de Phròiseactan:
Buidheann Eachdraidh ABE aig an Taigh-tasgaidh (2008)
Stèidhich luchd-ionnsachaidh litearrais Buidheann Eachdraidh o chionn ghoirid agus tha iad a’ rannsachadh eachdraidh nach eil cho sean a bharrachd air na Fuadaichean. Bidh am buidheann seo a’ tadhal air an taigh-tasgaidh mar phàirt dhen rannsachadh aca agus tha iad gar cuideachadh a’ cruthachadh stòrasan a chuidicheas luchd-ionnsachaidh eile.

Opening of Bothy and FankDualchas an Lagain – fang chaorach agus bothan (2007)
Dh’obraich Dualchas an Lagain, buidheann eachdraidh ionadail, còmhla ris an taigh-tasgaidh gus pàirt chudromach de dh’eachdraidh na Gàidhealtachd a ghleidheadh. Chuidich iad sinn gu bhith ag aithneachadh agus a’ mìneachadh bothan cìobair a chaidh a ghluasad chun an taigh-tasgaidh o chionn ghoirid. Chuidich iad sinn cuideachd a’ rannsachadh seann fhaing a dh’ath-thog an taigh-tasgaidh.

Bow Tent Pròiseactan còmhla ri Luchd-siubhail òg (2004 - 2008)
Rinn an taigh-tasgaidh obair còmhla ri iomadh buidheann de luchd-siubhail òg gus taic a chumail rin ionnsachadh le obair litearrais agus pròiseactan iomairt a chuidich iad gu bhith a’ tuigsinn an dualchais bheartaich a th’ aca. Thàinig taisbeanadh às an obair seo. Chaidh a chruthachadh leis an òigridh agus chaidh a thaisbeanadh ann an Taigh-tasgaidh is Gailearaidh Ealain Inbhir Nis ann an 2005. A bharrachd air an sin, tha bogsa stuthan againn a gheibh sgoiltean is buidhnean air iasad agus faodar teant bogha a thogail aig an taigh-tasgaidh. O chionn ghoirid bha taisbeanadh dhen eòlas iongantach a th’ aca mu Alba ann an Taigh-tasgaidh is Gailearaidh Ealain Inbhir Nis. Bidh an taisbeanadh seo, Travel through our Memories, cuideachd ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba san t-Samhain 2008.

Airson fiosrachadh mu bhogsaichean air iasad do bhuidhnean coimhearsnachd, theirig gu Bogsaichean air Iasad..

chun a’ bhàrr

 

.