Highland Folk Museum - An attraction for all ages
 
Dachaigh

 

Fàilte gu làrach-lìn Highland Folk Museum.

Gealladh Gnàth-cheannaiche:

“Tha sìnn a’ cuimseachadh dèanamh cinnteach gum bi turas ainmeil aig luchd-turais, le faireachdainn math, taobh a-staigh coimhearsneachd chùramach, shàbhailte.”

Tha Highland Folk Museum air dà làraich taobh a-staigh crìochan Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh: aon làrach ann an Cinn a’ Ghiùthsaich agus an làrach eile dà mhìle gu leth air falbh (4cil) ann am Bail’ Ùr an t-Slèibh.

’S e an làrach ann an Cinn a’ Ghiùthsaich, a chaidh fhosgladh ann an 1944, mar gum biodh an dachaigh spioradail aig Highland Folk Museum. An seo, chì luchd-tadhail earrannan dhe na prìomh chruinneachaidhean agus ‘An Taigh-tughaidh’, an togalach as sine ann am Breatainn a chaidh ath-chruthachadh.

Tha làrach Bhail’ Ùr an t-Slèibh, a dh’fhosgail ann an 1995, na mhìle de dh’eachdraidh bheò a tha a’ gabhail a-steach thogalaichean air an ath-thogail, baile bho na 1700an, tuathanachas bho 1940, mìneachadh air an eachdraidh agus iomadach seirbheis eile dhan luchd-tadhail.

Tha e mar amas aig an taigh-tasgaidh fiosrachadh mu bheatha anns a’ Ghàidhealtachd bho na 1700an a chumail agus a chlàradh, agus cuideachd a bhith a’ mìneachadh beatha an t-sluaigh tro eachdraidh eadar-obrachail agus tro ghnìomhan.

Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mun taigh-tasgaidh, làraich, stuthan agus goireasan air na duilleagan a leanas.

Brùth air a’ chlàr-innse gu h-àrd gus barrachd rannsachaidh a dhèanamh.

Tha sinn a’ coimhead air adhart ri d’ fhaicinn san taigh-tasgaidh.

.

Traditional baking demonstration at Highland Folk Museum Newtonmore

Rosie the Clydesdale Horse at Newtonmore