| Dachaigh | Taighean-tasgaidh | Bail’ Ùr an t-Slèibh | Cruinneachaidhean | Ionnsachadh | Cuir fios | |
| Am Baile - An Tuathanas - Taigh-tasgaidh A-muigh: Togalaichean - Àrainneachd & Cumadh-tìre - Mapa |
|
|
Taigh-tasgaidh Bhail’ Ùr an t-Slèibh Tha mìle agus ceithir fichead acaire (32 heactair) de dh’eachdraidh bheò ann a’ Highland Folk Museum Bhail’ Ùr an t-Slèibh. Chaidh an làrach a cheannach anns na 1980an ach cha do dh’fhosgail e gu 1995, agus bhon uair sin chaidh a leasachadh agus a dhèanamh nas fheàrr. Chithear Beanntan a’ Mhonaidh Ruaidh bhon làraich seo agus tha iomadh seòrsa talmhainn anns an sgìre seo leithid talamh tuathanais; coilltean agus talamh fosgailte. Tha na sgìrean sin air an riochdachadh le togalaichean agus feartan-tìre a th’ air a bhith air an gluasad no air an ath-thogail, taisbeanaidhean obrach agus daoine a’ mìneachadh na h-eachdraidh. Tha an làrach a’ sealltainn cò ris a bha beatha coltach ann an sgìrean dùthchail air a’ Ghàidhealtachd fad 200 bliadhna bho thoiseach nan 1700an gu meadhan nan 1900an. A bharrachd air mìneachadh agus prògraman ghnìomhan tha ro-ràdh eileagtronaigeach againn, cafaidh, taighean-beaga, àite-cluiche is, bùth, làraich chuirmean-cnuic agus faodaidh iad siubhal ann an carbadan eachdraidheil. |
|