|
Lèirsinn Seirbheis Taighean-tasgaidh na Gàidhealtachd
Lèirsinn Taighean-tasgaidh na Gàidhealtachd:
Tha Taighean-tasgaidh na Gàidhealtachd ag amas air seirbheis dhan phoball a tha a’ gabhail a-steach:
- Luchd-obrach aoigheil agus àrainn dhàimheil anns na taighean-tasgaidh
- Taisbeanaidhean fad-ùine agus sealach a tha fosgailte dhan phoball airson oideachadh is toileachadh
- Inntrigeadh air loidhne gu Tasglann Dhealbhan na Gàidhealtachd
- Cothrom dealbhan a cheannach bho Thasglann Dhealbhan na Gàidhealtachd
- Prògram ghnìomhan a tha ag amas air feadhainn a ghabhas pàirt a bhrosnachadh
- Seirbheis ionnsachaidh is inntrigidh a tha a’ buntainn ri feumalachdan is ùidh nan coimhearsnachdan a tha sinn a’ frithealadh
- Seirbheis cheistean co-cheangailte ri na cruinneachaidhean
.
|